Logo

2/2 Slàinte agus Sunnd do thidsearan GME aig àm Covid-19

Room type

Permanent

This field is required.
This field is required.
This field is required.
Required fields
If you have already registered and can't locate your registration confirmation email,click here!
The email address is incorrect. Please double-check your email address.

A confirmation email with logging details has been sent to the provided email.

System configuration test. Click here!

Presenter

Raghnaid Fhriseal

Tha Dr Raonaid Fhriseal na saidhceòlaiche clionaigeach co-cheangailte ri àm breith ann an Glaschu. Bidh i ag obair còmhla ri pàrantan, feadhainn a tha gu bhith nam pàrantan, agus a’ chlann bheag aca. Tha i cuideachd na màthair ’s dà bhalach aois sgoile aice.

Tha i air a bhith ag obair ann an iomadh roinn den NHS, suidheachaidhean Màthair agus Pàiste, Slàinte Inntinn Coimhearsnachd, Leigheas-inntinn Èiginneach agus Dian nam measg. Airson grunn bhliadhnachan tha i cuideachd air a bhith na Saidhceòlaiche Clionaigeach Comhairleachaidh airson buidheann de luchd-fianais eòlach co-cheangailte ri Cùirt an Teaghlaich.

Rinn i trèanadh gu ìre Dotaireachd ann an Saidhceòlas Clionaigeach aig Oilthigh Essex/ Clionaig Tavistock far an do rinn i rannsachadh aig Ionad Anna Freud air an dàimh eadar màthair agus pàiste. Tha i air trèanadh a dhèanamh ann an iomadh cuspair buntainneach eile agus thug i a-mach ceum MSc ann an Slàinte Inntinn aig Colaiste an Rìgh, Lunnainn/Institiud Leigheas-inntinn le fòcas air saidhco-teiripe saidhco-daineamaig.

An-dràsta tha i ag obair mar Stiùiriche Clionaigeach an NHS air prògram ùr-nodha.